Cailean
McDonald

West Coast Waters

Na h-Eileanan A-Muigh - Na h-Uibhistean is Beinn na Fadhla

Coinnichibh ri ar sgeulaitchen ionadail

Tha tional sgeulachdan sna coimhearsnachdan aig cridhe COSTA (COAST). Tha 32 neach sa choimhearsnachd air a thighinn còmhla mar luchd-tional sgeulachdan gus ruighinn a-mach agus roinneadh a bhrosnachadh, agus gus stuth a thional don bhanca sgeulachdan againn. Ma tha sgeul agad ri innse, feuch gun cleachd thu an ceangal suirbhidh againn ach ma tha aithne agad air goireasan cudromach a chuidicheadh an luchd-tional sgeulachdan ionadail againn, feuch gun cleachd thu an ceangal iomchaidh gu h-ìosal airson fios a chur thuca. Tha cuid de ar luchd-tional sgeulachdan ach chan eil iad uile, aig a bheil Gàidhlig.

Tha mi air am brosnachadh a’ bhith an sàs ann am pròiseact a tha ag amas feadhainn dha na stòraidhean as inntinneach a tha a’ buntainn do dh’ Uibhist agus na h-eileanan co-cheangailte ris a thoirt ri chèile.

Tha Uibhist lànn de sgeulachdan annasach agus ‘s mar sin tha e brosnachail  an cothrom fhaighinn feadhainn aca a’thoirt chun am bàrr agus a soillsicheadh mar phàirt dhen dearbh-aithne agus aithris-sgeul eachdrachail an aìte.

Tha sinn an dòchas gun tig an t-uabhas sgeulachdan am bàrr thairis air na seachdainnean ri tighinn. ‘Se seann dreuchd Gàidhealach a th’ann a’bhith ag innse seann sgeulachdan aig an teine thairis air an geamhraidh!


Cuir fios