Tha sinn a’ cur romhainn ceithir ceud sgeulachd aithris (fichead sgeulachd bho fhichead diofar coimhearsnachd air a’ chosta an iar) air-loidhne tro app eadar-obrachail agus a chleachdadh gus muinntir na coimhearsnachd agus luchd-tadhail a bhrosnachadh gu bhith a’ rannsachadh nan rathaidean nas iomallaiche tarsainn ar n-eileanan, rubhaichean agus oirthir.
Tha sinn airson ’s gun cuir daoine eòlas air na sgeulachdan sin dhaibh fhèin agus iongnadh a ghabhail às cho fìor chudromach ’s a tha an costa an iar air a bhith ann an dèanamh a leithid air feadh an t-saoghail.
Thèid na sgeulachdan sin a thaghadh bhon eachdraidh agus bho na cuimhneachain air an tional tron làrach-lìn seo agus bidh iad nam measgachadh de sgeulachdan aithnichte cho math ri sgeulachdan nas annasaiche agus nas tarraingiche.
Bidh pròiseas taghaidh air aontachadh airson seo agus nì sinn cinnteach gum bi muinntir na coimhearsnachd nam pàirt den phròiseas seo. Thèid an fheadhainn nach bi air an taghadh a chur còmhla agus thèid an gleidheadh nar banca sgeulachdan le comas air an cleachdadh air na meadhanan sòisealta agus ann am pròiseactan co-cheangailte, gus fìor sgeadachadh a dhèanamh air tuigse chultarach don chosta an iar.
Mar a bhios sinn a’ sireadh beagan fiosrachaidh pearsanta mud dheidhinn fhèin, tha sinn ag iarraidh ort comharra a chur don bhogsa a dhearbhadh gu bheil thu toilichte gu leòr ma chleachdas sinn an sgeulachd agad agus gu ruig sinn a-mach thugad airson tuilleadh fiosrachaidh air am bi feum againn. Cuiridh sinn fios thugad ma thèid do sgeulachd a thaghadh mar aon den 20 san sgìre agad agus cuideachd ma bhios sinn a’ planadh a cleachdadh air na meadhanan sòisealta agus ann am pròiseactan eile. Cha dèan sinn nì gun fhiosta leis an fhiosrachadh a thug thu dhuinn no às aonais d’ aonta.
Bidh cuid de na sgeulachdan as inntinniche nam pàirt de stuth taisbeanaidh ùr-ghnàthach agus eadar-obrachail a thèid a stàlachadh ann am prìomh làraichean air feadh a’ chosta an iar. Thèid a’ phàirt seo den phròiseact a leasachadh ann an 2021 agus bheir sinn seachad nas urrainn dhuinn de dh’fhiosrachadh mar a bhios seo ga adhartachadh.